FÀILTE DO BHAIL’ ACH’ AN DROIGHINN

 

Mar a b’ àbhaist d·ar sinnsearan tighinn beò

(Tha na tha ‘leanachd air a sgrìobhamh san dearbh dhual·chainnt a bha ga bruidhinn am measg muinndir a’ Bhaile fhé bho cheann fhada san t-saoghal)

 

Nach tig sibh a’ chéilidh oirinn do Bhail’ Ach’ an Droighinn air son eannsachamh mun cuairt air mar a b’ àbhaist do dhaoine tighinn beò sna laithean a dh’aom ann an Albann. Uaireigin san t-saoghal, cha robh uamhas bhailtean móra san dùthaich. Bha a’ chuit a bu mhotha de dhaoine ‘fanachd ann am bailtean beaga, ag obair nan tuathanaich no ann an gnìomhachasan a bhuin don àite. Bha mìltean de dh’àiteachan coltach ri Ach’ an Droighinn ann. Bho cheann 250 bliana ge-ta, tháini’ crìoch air an t-saoghal sin. Thóisich rudaigin ris an abramh ead sa Bheurla improvement, ach ris an abair na Gáidheil “Na Fuadaichean”. Chaidh talamh a bha air ùisneachamh le coimhearsnachdan slàna a bhristeamh na nuadh-bhailtean no na chriomanan crìona ris an abair ead “croitean”. Chaidh na bailtean – mar a thuigeamh ead le muinndir an àite – a “leasachamh” á bith.

 

A-nis, chan eil ach an aon h-aon air fhàgail, Bail’ Ach’ an Droighinn. Thachair gun do mhair sin cha mhór mar a b’ àbhaist dha bhith gu ruige na 1960an. An-diugh, chan eil àite sam bith san t-saoghal gu léir a tha coltach ri taighean, bàthaichean ‘s talamh fhé Ach’ an Droighinn. ‘S e am baile-fearainn as coileanta tha air fhàgail air Gáidhealtachd na h-Albann. Tha e ‘nis mar chuimhneachan do dhòigh-bheatha tha air dol á bith.

 

Gheobh sibh sùil air mar a bha na togalaichean ‘s an talamh o shean sa Bhaile, le bhith ‘toirt an aire ris a’ bheatha dhuilich a bh’ aig – ‘s bochdainn a bh’ air – muinndir Ach’ an Droighinn. Faodaidh sibh sràid a ghabhail timeal air na taighean; chì sibh far am bitheamh na beothaichean ag ionaltramh ‘s far an do chinn am barr. Tha na taighean air an lìonamh le gnothaichean àbhaisteach ‘s gheobh sibh acainnean ‘s innealan sna bàthaichean.

 

A’ TADHAL OIRINN

Tha Bail’ Ach’ an Droighinn na àite eachdraigheil air a ghleidheil mar thaigh-thasgaimh. Bha na thuile gnothaichean a chì sibh an t-seo – ach an Ionad-Tadhail – ann am bith sna laithean a dh’fhalbh ‘s nì sinn oidhirp nach bith tuilidh sa chòir cleasachd no sgeadachamh sa Bhaile. Thigibh a’ chéilidh oirinn an dùil ri seana bhaile mar a bha e roimhe.

Leigibh 60-90 mionaidean leibh fhé air son tadhal oirinn ‘s bithibh an dùil ri cuairt eadar leth-mhìle ‘s mìle eadar pàirce nan carbad ‘s an taigh as fhaide air falbh agas an rathad air ais. Thoiribh an aire air an aimsir ‘s cuiribh oiribh aodach ‘s brògan dìonach. Tha cuit d·ar rathaidean car corach ‘s neo-réidh.

 

Chan eil Bail’ Ach’ an Droighinn na àite furasta do dhaoine aig nach eil comas-cuirp shlàin. Le bhith ag atharachamh an àite, chailleamh sinn na tha sònraichte mun cuairt air. Tha h-aon no dithist de na rathaidean car cas (ri fhaicinn air cairt-dùthch’ an àite) ‘s bithidh a’ chuit as motha de luchd nan cathair-cuibheil am feum air cuiteachamh. Chan eil taigh-beag ann fhathast a tha gu tur furasta ruigheachd agas tha ceumanan a-suas gu dorast an Ionad-Tadhail.

 

Tha Bail’ Ach’ an Droighinn sè mìltean mu dheas air Ionar Aora ri taobh an A83, nas lugha na 90 mionaidean bho Ghlasachamh. Faodaidh sibh ur carbad a stéidheachamh san àite gun ghas (saor an asgaidh). Bithidh Citylink bus service 926 (eadar Glasachamh ‘s Ceann Loch) a’ stad aig cachaileith a’ Bhaile.

 

UAIREAN

Bithidh am Baile fosgailte bhon chiad latha de·n Ghiblean thun an latha mu dhéireamh de·n Dàmhair agas eadar 9m ‘s 5f gach latha. Bhon t-Samhainn thun a’ Mhàirt, bithidh e fosgailte eadar Di-Luain ‘s Di-h·Aoine ach a-mháin eadar an Nollaig ‘s a’ Bhlian’ Ùr. ‘S fhearr dhuibh fón a chur gar n-eannsaigh feuch a’ bheil sinn aig baile mum fàg sibh an taigh. Anns a’ Gheamhramh, bithidh an Ionad-Tadhail ‘s an Taigh-Cofaidh drùinte (agas cuit de na togalaichean mar an ciadna) ach bithidh nas lugha ri páigheamh air son faodainn a-staigh don Bhaile.

 

PRÌSEAN

Inbheach: £8.00
Sean-duine: £7.00
Fo 18: £5.50

Muinndir Arra-Gháidheil, Companaich Ach’ an Droighinn, agas na thuile duine Samhainn-Màirt: £1.00 inbhich, 50sg pàistean agas sean-daoine.

Tha lùghdachamh-prìse ri fhaodainn do dh’inbheach no dithist ann am buidheann anns a’ bheil tuilidh na h-aon pàiste, agas do bhuidhnean de 20 no tuilidh air an ro-chlàrachamh leinn air son an cuairt.

 

Fón: 01499 500 235

Post-d: info@auchindrain.org.uk

Seòlamh: Bail’ Ach’ an Droighinn, Ionar Aora, Arra-Gháidheal, PA32 8WD

 

Ma chòrdas na tha sinn a’ deanamh ruibh, nach cuir sibh taic ris ar n-obair le bhith ‘toirt seachad airgead no le bhith ‘dol nad chompanach Ach’ an Droighinn. Nì sibh an dà chuit le bhith ‘briogamh an t-seo air son an duilleag cheart fhaodainn.

Explore Auchindrain
Click the button below for an online interactive tour of Auchindrain.
Start Exploring